Joint Call to Prayer, Sunday 24 January at 7pm

22nd January 2021

The Scottish Episcopal Church and 13 other denominations join together in prayer at 7pm on Sunday, 24 January. Many of those joining together in prayer, which appears in English and Gaelic below, will also light candles.

In a joint message, church leaders in Scotland said:

“In the Gospel of John, Jesus prays for all those who have come to believe in him ‘that they may all be one…so that the world may believe’ that he has been sent by the Father. (John 17: 20-21) As we reflect upon this, we see Jesus Christ as the One who intercedes for us before the living God and who enables us to approach God through him. In the times in which we live this offers a profound reassurance: Jesus Christ is the One whose prayer sustains the life of the people of God.

“The times in which we live are ones in which discord and division are all too often to the fore. In times such as these, the people of God are called to bear witness to the reconciling work of Christ that breaks down the walls that divide us. As we reflect upon the words of John 17, we are called to live out our response to the prayer of Jesus that we ‘may all be one…that the world may believe’.”

We pray:

Lord our God, You are One
And your Son prays that your people may be one.
As your Son prays for us,
May we share in the life of Christ
And in the hope of the resurrection.
Lord, in your mercy,
Hear our prayer.

Lord our God, You are One
And your Son prays that your people may be one.
As your Son prays for us,
May we know that we are members of the body of Christ
And that we share in the one Spirit.
Lord, in your mercy,
Hear our prayer.

Lord our God, You are One
And your Son prays that your people may be one.
As your Son prays for us,
May we know that he is our peace
And that he has broken down the walls that divide us.
Lord, in your mercy,
Hear our prayer.

Lord our God, You are One
And your Son prays that your people may be one.
As your Son prays for us,
May we know that we have been reconciled to God
And that the task of reconciliation has been entrusted to us.
Lord, in your mercy,
Hear our prayer.

Lord our God, You are One
And your Son prays that your people may be one.
As your Son prays for us,
May your people be one
That the world may believe.
Lord, in your mercy,
Hear our prayer.

Signed by:

Most Rev. Mark Strange, Primus, on behalf of the College of Bishops, Scottish Episcopal Church
Rt. Rev. Dr Martin Fair, Moderator of the General Assembly, Church of Scotland
Most Rev. Leo Cushley, Archbishop of St. Andrews and Edinburgh, Roman Catholic Church
Rev. John Fulton, Moderator, United Free Church of Scotland
Rev. Lindsey Sanderson, Moderator, United Reformed Church (Scotland)
Rev. Martin Hodson, General Director, Baptist Union of Scotland
Rev. Mark Slaney, District Chair, Methodist Church (Scotland)
Rev. May-Kane Logan, Chair, Congregational Federation in Scotland
Lt. Col. Carol Bailey, Secretary for Scotland, Salvation Army
Adwoa Bittle, Religious Society of Friends (Quakers)
Rev. Claire Fender, District Superintendent, British Isles North District, Church of the Nazarene
Pastor Chris Gbenle, Provincial Pastor, Province of Scotland, Redeemed Christian Church of God
Bishop Francis Alao, Church of God (Scotland)/Minority Ethnic Churches Together in Scotland (MECTIS)
Rev Fred Drummond, Director, Evangelical Alliance (Scotland)

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 24mh dhen Fhaoilleach, ùrnaigh aig 7f

Ann an Soisgeul Eòin, rinn Ìosa ùrnaigh airson na feadhna a chreideas ann tro am facal-san, “airson ’s gum bi iad uile nan aon… airson ’s gun creideadh an saoghal” gun do chuir an t-Athair a-mach e. (Eòin 17: 20 – 21). A’ meòrachadh air seo, chì sinn gur e Ìosa Crìosd an t-aon a bhios ri eadar-ghuidhe air ar son mu choinneamh Dhè, agus gur ann troimheasan a bhios sinn a’ tighinn a-steach a làthaireachd Dhè. Abair misneachadh agus fois-inntinn a tha seo dhuinn, gu bheil sluagh Dhè air an cumail beò tro ùrnaighean Ìosa Crìosd.

Tha sinn air ar cuartachadh le ùpraid, easaontachd agus aimhreit. Ann an làithean mar seo, tha sluagh Dhè air an gairm gus fianais a thoirt mu obair-rèite Chrìosd, a thilgeas sìos nam ballachan a sgaras sinn on a chèile. Meòrachamaid air an leasan a tha againn ann an Eòin 17, gu bheil sinn air ar gairm gu bhith nar n-aon “airson ’s gun creideadh an saoghal.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Thighearna ar Dia, is Aon thu,
agus tha do Mhac ag ùrnaigh gum bi do shluagh mar aon.
Tha do Mhac ag ùrnaigh air ar son,
agus tha sinn ag ùrnaigh gun gabh sinn pàirt ann am beatha Chrìosda,
agus ann an dòchas na h-aiseirighe.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia, is Aon thu,
agus tha do Mhac ag ùrnaigh gum bi do shluagh mar aon.
Tha do Mhac ag ùrnaigh air ar son,
agus tha sinn ag ùrnaigh gum bi fios againn,
gur e buill corp Chrìosda a th’ annainn,
agus gu bheil sinn a’ com-pàirteachadh san aon Spiorad.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia, is Aon thu,
agus tha do Mhac ag ùrnaigh gum bi do shluagh mar aon.
Tha do Mhac ag ùrnaigh air ar son,
agus tha sinn ag ùrnaigh gum bi fios againn gur esan ar sìth,
agus gu bheil e air ballachan ar sgaraidh a thilgeil sìos.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia, is Aon thu,
agus tha do Mhac ag ùrnaigh gum bi do shluagh mar aon.
Tha do Mhac ag ùrnaigh air ar son,
agus tha sinn ag ùrnaigh gum bi fios againn gun deach ar rèiteachadh ri Dia,
agus gu bheil dleasdanas oirnn rèiteachadh a lorg ri ar co-chreutairean.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia, is Aon thu,
agus tha do Mhac ag ùrnaigh gum bi do shluagh mar aon.
Tha do Mhac ag ùrnaigh air ar son,
agus tha sinn ag ùrnaigh gum bi do shluagh mar aon,
airson ’s gun creideadh an saoghal.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Claire Fender, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS)
An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)